EACHDRAIDH-BEATHA
Raibeart Phàdraig Thormoid Choinnich 'Ain Bhig'
Is mise Raibeart MacCoinnich (Raibeart Phàdraig Thormoid Choinnich 'Ain Bhig') agus ‘s e seinneadair ‘s neach-ciùil a th’annam. Rugadh ‘s thogadh mi ann an Ontario a’ Tuath, Canada, ann am baile beag mèinnearachd far an robh m’athair ag obair mar meacanaig. Tha mi a’ fuireach ann an Calgary, Canada a-nis còmhla ri mo bhean ‘s ar triuir chloinne.
‘B ann do Leòdhas a bhuineadh m’athair, ged a dh’imrich a theaghlach gu Canada anns na 20’n. ‘B àbhaist do m’athair a bhith na sheòladair cuideachd, dìreach mar a b’àbhaist athair ‘s a sheanair fhèin roimhe. B’ ann à Port Nan Giùran, ann an Eilean Leòdhais a bha mo sheanair le ceanglaichean ri Tàbost, sgìre Nis cuideachd. Bhuineadh mo sheanmhair do Port Mholair, anns an Rubha.
Ged a bha Gàidhlig aig m’athair, cha do dh’ionnsaich mi ach beagan fhaclan ‘s abairtean bhuaithe, ged a tha cuimhn’ agam air cèilidhean mòra aig taigh mo sheanmhair far an robh a h-uile duine a’ bruidhinn Gàidhlig.
Dh’fhàs mi suas ag èisteachd ri ceòl traidiseanta. Bha tòrr Albannaich, ‘s Èireannaich agus daoine às a Cheap Bretainn ‘s Alba Nuadh a’ fuireach ann. B’ann faisg air gach deireadh-seachdain a bha cèilidhean ann agus gu tric bhiodh bogsa, ‘s fidheall ‘s tromb, ‘s giotar ‘s ionnstramaidean eile mar sin ann. Chaidh innse dhomh gun cluicheadh mo sheanair am melodeon, ged nach eil cuimhn’ agam air sin idir, oir chaochail e bliadhnaichean mus do rugadh mise.
Tha mi air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig faisg air còig bliadhna a-nis; dhà dhiubh còmhla ri Dòmhnall Dòmhnallach à Sgarasdagh, na Hearadh, nise a’ fuireach ann am Montreal. Tha ùidh mhòr agam ann an òran Gàidhlig, gu h-àraid ‘san Seann Nòs agus am beul-aithris ‘s am bàrdachd mo shinnsearan.

